Tha Comhairle Siorrachd Chlach Mhanann ag aithneachadh gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt chudromach de dhualchas na h-Alba, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail an latha an-diugh. Airson cànan agus cultar na Gàidhlig a ghlèidheadh, tha feum air Plana Gàidhlig a bhith aig gach comhairle ann an Alba.
Chaidh Achd na Gàidhlig (2005) a chur tro Phàrlamaid na h-Alba ann an 2004. Tha am plana ag amas air inbhe na Gàidhlig a ghleidheadh mar chànan oifigeil air a bheil an aon mheas ris a' Bheurla ann an Alba. Dheasbad Comhairle Siorrachd Chlach Mhanann Plana Gàidhlig a' chruthachadh aig coinneamh san Màirt 2020.
Bidh am Plana Gàidhlig mar sheòrsa de fhrèama poilisidh airson a' Ghàidhlig a leasachadh taobh a-staigh seirbheisean na Comhairle, còmhla ri bhith ag aithneachadh cho cudromach sa tha Gàidhlig ann am foghlam, cultar, beatha shòisealta agus eacanomaigeach taobh a-staigh Siorrachd Chlach Mhanann.
Tha Comhairle Siorrachd Chlach Mhanann a' cur an làn thaic ri rùn Achd na Gàidhlig (2005) agus amasan na plana nàiseanta a thàinig às an Achd. Tha sinne a' cur romhainn ar n-uile dhìcheall a dhèanamh airson inbhe na Gàidhlig a ghleidheadh agus a cumail beò gu sònraichte sam àm ri teachd ann an Alba mar phàirt chudromach de dhualchas chultarail ar dùthcha.
Tha sinne airson ar taic a chur ri ath-bheothachadh a' chànain agus obraichidh sinn ann an dlùth chàirdeas le Bòrd na Gàidhlig agus ar luchd-com-pàirt dealbhachaidh coimhearsnachd airson na h-amasan seo a chur an gnìomh. Cuiridh sinn a' Ghàidhlig air adhart ann an obair chorporra na comhairle agus bheir sinn a h-uile misneachd do dhaoine a tha airson a h-ionnsachadh agus a cleachdadh, gu sònraichte ann an cuid a sheirbheisean, leithid foghlam agus cur-seachadan.
Strategy & Performance
Kilncraigs, Greenside Street, Alloa, FK10 1EB
Tel: 01259 450000
Email: customerservice@clacks.gov.uk